Picture of Barefoot in Barra

Fios Mur Deidhinn

Mar Àrd-Oifigear Smàlaidh airson Seirbheis Smàlaidh & Teasairginn na Gàidhealtachd & nan Eilean, bu toigh leam taing a thoirt dhuibh airson tadhal air ar làrach-lìn. Nuair a tha sibh a’ siubhal an làraich, tha sinn ag iarraidh gum bi barrachd tuigse agaibh air structar ar Seirbheis agus mar a tha sinn a’ coileanadh ar dleastanasan. Tha pailteas comhairle agus fiosrachaidh air an làrach-lìn mu Shàbhailteachd Teine; agus tha seo air aon de iomadach dòigh anns a bheil sinn a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan nan ceàrnaidean nas sàbhailte agus nas fheàrr airson fuireach annta. 


S sinne an t-Seirbheis as fhaide tuath san Rìoghachd Aontaichte, a’ gabhail a-steach farsaingeachd tìre cho mòr ris a’ Bheilg. Tha sinn a’ lìbhrigeadh seirbheis smàlaidh, teasairginn agus sàbhailteachd coimhearsnachd do mhuinntir na Gàidhealtachd, Eileanan Shealtainn, Eileanan Arcaibh agus nan Eilean Siar.
 

Tha mu 1500 neach air am fastadh againn, a tha ag amas air seirbheisean èiginn proifeiseanta agus sgileil a thoirt do na coimhearsnachdan air a bheil sinn a’ frithealadh. Tha ar sgiobaidhean smàlaidh sgaoilte air feadh lìonra de 115 aonadan, le aon stèisean fad-ùine, 95 stèiseanan le luchd-smàlaidh glèidhte agus 19 Sgiobaidhean Smàlaidh Coimhearsnachd. Tha na sgiobaidhean seo ag obair le taghadh farsaing de charbadan èiginn los gum bi goireasan iomchaidh ann gus dèiligeadh ri tachartasan èiginneach air feadh sgìre fharsaing ar Seirbheis. Tha ar Prìomh Oifis stèidhichte ann an Inbhir Nis, prìomh bhaile na Gàidhealtachd, agus tha sinn a’ lìbhrigeadh sheirbheisean ionadail tro 4 fo-roinnean stèidhichte air na 4 Ùghdarrasan Ionadail a tha an lùib an Ùghdarrais Smàlaidh. Tha ar luchd-obrach taice a’ cumail suas bun-ghnìomhachd na buidhne, agus tha gach roinn den bhuidhinn ag obair còmhla gus ar coimhearsnachdan a dhìon.

 

Tha mi an dòchas gun còrd an làrach-lìn ribh agus nach fhada gus an tadhail sibh a-rithist. Tha sinn daonnan a’ dèanamh oidhirp gus piseach a thoirt air ar Seirbheis agus tha sinn a’ cur fàilte air beachd sam bith air an làrach-lìn, nìthear seo le bhith a’ briogadh air “Fios Gu”.


Trevor Johnson

Àrd Oifigear Smàlaidh