Picture of Fire Engine from 1918

 
Ar Sgìre
’S sinne an t-Seirbheis as fhaide tuath san Rìoghachd Aonaichte agus sinn a’ frithealadh air sgìre meud mu 12,000 mìle ceàrnagach, sgìre anns am faicear eadar-dhealachaidhean a thaobh cruth na tìre, an sluagh agus an deamografaidh.

Tha ceithir ùghdarrasan ionadail ann an sgìre Bòrd Smàlaidh na Gàidhealtachd & nan Eilean:

  • A’ Ghàidhealtachd
  • Eileanan Arcaibh
  • Eileanan Shealtainn
  • Na h-Eileanan Siar

A thaobh dè an seòrsa sluaigh a th’ aca, tha na ceithir sgìrean coltach ri chèile oir faodar a ràdh gu bheil aon phrìomh bhaile aig gach ceàrnaidh agus grunn bhailtean beaga sgaoilte mun cuairt orra. 
Tha cruth na tìre eadar-dhealaichte anns gach sgìre, ach tha rudan a tha coitcheann do na ceithir: costaichean creagach, cnuic no fiù ’s beanntan agus àiteachan anns nach eil e furasta fuireach le sluagh gu math sgapte.

Tha manaidsearan proifeiseanta, aig a bheil diofar dhleastanasan, stèidhichte anns na 11 Oifisean Ionadail, agus bidh iad a’ toirt taic do na stèiseanan ainmichte aca agus na coimhearsnachdan mun cuairt a thaobh Làimhseachadh Cunnart sa Choimhearsnachd, Obair na Seirbheis agus Trèanadh. Chìthear na h-ainmean aca sa cholbh chlì.