Picture of Waterbombing from a Helicopter

Fios Mur Deidhinn


Fàilte gu làrach-lìn Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na Gàidhealtachd & nan Eilean.
 
’S sinne an t-Seirbheis as fhaide tuath san Rìoghachd Aonaichte agus sinn a’ frithealadh air sgìre meud mu 12,000 mìle ceàrnagach. Tha sinn a’ toirt seirbheis smàlaidh, teasairginn agus sàbhailteachd airson choimhearsnachdan do mhuinntir na Gàidhealtachd, Shealtainn, Arcaibh agus nan Eilean Siar.

Tha suas ri 1500 neach-obrach air am fastadh againn a nì an dìcheall los gum bi an sgìre nas sàbhailte agus na h-àite anns an fheàirrde daoine fuireach, agus thathar a’ lìbhrigeadh ar seirbheisean tro lìonra de 123 aonadan le 1 stèisean fad-ùine, 95 stèiseanan le luchd-smàlaidh glèidhte agus 27 sgiobaidhean smàlaidh coimhearsnachd. ’S ann an Inbhir Nis a tha ar Prìomh Oifis, agus tha Oifisean Ionadail againn ann an 11 àiteachan air feadh sgìre na Seirbheis.

David Wynne QFSM, MBA, DMS, MIFireE
Àrd Oifigear Smàlaidh