Picture of children carrying hose reel

Am Bòrd Smàlaidh

’S e a th’ ann am Bòrd Smàlaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean am buidheann poilitigeach a tha riaghladh ar Seirbheis.
 
Tha an t-Seirbheis ag obair às leth a’ Bhùird Smàlaidh a tha na Bhòrd Coitcheann le 24 buill, ’s iad:

16 buill bho Chomhairle na Gàidhealtachd
4 buill bho Chomhairle nan Eilean Siar,
2 bho Chomhairle Eileanan Arcaibh,
2 bho Chomhairle Eileanan Shealtainn.
 


 
Neach-gairm
Richard Durham
Comhairle na Gàidhealtachd               
Iar neach-gairm
Andrew Drever
Comhairle Eileanan Arcaibh     


Tha diofar bhuidhnean fo sgèith a’ Bhùird mar Bhuidheann Gnìomh gus Piseach a thoirt air an t-Seirbheis, agus Buidheann Gnìomh airson Luach an Airgid agus Sgrùdaidhean Ionmhasail. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ lìbhrigeadh diofar sheirbheisean airson a’ Bhùird, nam measg tha Clàrc a’ Bhùird, Oifis an Ionmhasair agus seirbheisean taice eile.

Thar nam bliadhnaichean mu dheireadh b’ e prìomh amas a’ Bhùird aonta maoineachaidh iomchaidh a ruighinn a tha a’ toirt an aire do nàdar sònraichte na seirbheis a tha a dhìth air an sgìre. Am measg nam prìomh cheann-ùidhe an-dràsta tha maoineachadh calpa ceart a lorg gus an lean am Bòrd orra leis a’ phrògram fharsaing togail aca. Feumar cha mhòr 40 stèisean a thogail às ùr, gus am freagair iad air feumalachdan an latha an-diugh. Cuideachd, ’s e adhbhar dragh a th’ ann don Bhòrd gu bheil einnseanan smàlaidh ùra fhathast a dhìth a thèid an àite na seann fheadhainn, agus am Bòrd ag iarraidh gum bi gach carbad aig an t-Seirbheis uidheamaichte mar bu chòir.