Structure (Gaelic)
|
|
Structar
Tha e na amas dhuinn gum bi ar sgìre na àite nas sàbhailte agus na h-àite anns an fheàirrde daoine fuireach. Bidh sinn ag obair gu ruige an amas seo le lìonra 127 aonadan, le 1 stèisean fad-ùine, 95 stèiseanan ‘glèidhte’ agus 31 sgiobaidhean smàlaidh coimhearsnachd. Tha oifigearan proifeiseanta le grunn dhleastanasan a’ toirt taic do na h-aonadan seo agus iad stèidhichte ann an 11 Oifisean Ionadail.
Tha an Sgioba Ceannais Ro-innleachdail againn stèidhichte ann an Inbhir Nis, agus ’s iad a tha a’ toirt stiùir ro-innleachdail don t-Seirbheis, a’ cruthachadh phoileasaidhean agus a’ cumail sùil air coileanadh. San sgioba tha: Àrd Oifigear Smàlaidh, Leas Àrd Oifigear Smàlaidh, Iar Àrd Oifigear Smàlaidh agus còignear Cheannardan Roinnean:
- Làimhseachadh Cunnart sa Choimhearsnachd
- Seirbheisean Corporra
- Obair na Buidhne
- Taic do Sheirbheisean
- Seirbheisean Dhaoine
|